Dragh mu rathad Bhealach nam Bò

Tha Comhairle na Gàidhealtachd fo ìmpidh rathad Bhealach nam Bò air a' Chomraich a chàradh san aithghearrachd.

Thog a' chomhairle choimhearsnachd dragh mu charbadan trom a bhith a' gabhail an rathaid, ged a tha feadhainn nas troma na 18 tonna air an casg.

Tha an rathad a' sìor fhàs nas trainge le mìltean luchd-turais sa bhliadhna.

Seo Pàdraig MacAmhlaidh.