Dùnadh sgoiltean Sgitheanach fon phrosbaig

Tha ceist dhùnadh sgoiltean san Eilean Sgitheanach fon phrosbaig.

Tha ath-thagradh Comhairle na Gàidhealtachd an aghaidh co-dhùnadh Riaghaltas na h-Alba sgoiltean ann an ceann a tuath an eilein a chumail fosgailte, air tòiseachadh aig Cùirt an t-Siorraim am Port Rìgh.

Thuirt a' Chomhairle gur e mearachd a bh' ann an co-dhùnadh an Riaghaltais.

Tha Calum MacIllEathain ag aithris.