Ceistean mòra mu FTMG

'S e glè bheag den fheadhainn a chaidh tro fhoghlam Ghàidhlig an toiseach a tha fhathast a' cleachdadh na cànain gu cunbhalach.

Sin a rèir rannsachaidh bhon bhuidhinn Soillse.

Thathas a' toirt fainear gur iad feadhain aig an robh i a-staigh a chum suas i, 's gur iad feadhain a tha ag obair sa Ghàidhlig as buailtiche a bhith ga cleachdadh fhathast.

Air fhoillseachadh