Cead ga dhiùltadh do thuathanas-èisg

Tha Comhairle na Gàidhealtachd a-rithist air cead a dhùltadh do thuathanas-èisg an Iar Thuath an Eilein Sgitheanaich.

Bha Kames Fish Farming Earranta airson dusan ceidse a chur ann an Loch Pholl Teil faisg air Gleann Dail.

Bha dragh air comhairlichean, ge-tà, gum faodadh e cron a dhèanamh air an àrainneachd agus air an loch.

Air fhoillseachadh