Naidheachdan 11:00m

Thèid aithisg sgrùdaidh Dhuidsich fhoillseachadh an-diugh air dè dh'adhbharaich gun deach plèana le Malaysian Airlines a sgrios os cionn na h-Ugràin an-uiridh. Bhàsaich cha-mhòr 300 duine 's iad a' siubhail eadar Amsterdam agus Quala Lumpur, deichnear às an Rìoghachd Aonaichte nam measg. Tha na h-ùghdarrasan anns an Òlaind air a bhith a' rannsachadh na cùise, agus thèid an aithisg aca fhoillseachadh anns an Hague a dh'aithghearr.

Chaidh ìmpidh a chur air Riaghaltas na Rìoghachd Aonaichte cuideachadh às dèidh mar a chaidh innse do Bhreatannach gun tèid a chuipeadh còrr agus 350 turas mus tèid a shaoradh on phrìosan ann an Saudi Aràibia. Chaidh Karl Andree, a tha 74 bliadhna de dh'aois, a chur an grèim an-uiridh às dèidh dha aideachadh gun robh fìon a chaidh a dhèanamh gu mì-laghail aige na chàr ann an Jeddah. Thuirt Oifis nan Dùthchannan Cèine gu bheil iad a' feuchainn ri a shaoradh.

Tha planaichean airson ionad cultarail ùr ann an Uibhist a Deas air buille fhulang agus iarrtas airson taic-airgid on Chrannchur Nàiseanta ga dhiùltadh. Bha Ceòlas ag iarraidh còrr air £1m bho Mhaoin Mhòr a' Chrannchuir, airson an cuideachadh le ionad cultarail a thogail ann an Dalabrog. Ach thuirt cathraiche Ceòlas gu bheil iad fhathast gu math misneachail mun phròiseact.

Thuit ìre na h-atmhorachd air Clàr Phrìsean an Luchd-Caitheimh gu -0.1% sa bhliadhna gu deireadh an t-Sultain. Sin a rèir nam figearan as ùire bho Oifis na Staitistig Nàiseanta. Tha ìre na h-atmhorachd air a bhith aig 0%, no faisg air, airson a' mhòr-chuid den bhliadhna.

Bidh cothrom aig daoine ann an Leòdhas tuilleadh fiosrachaidh fhaighinn mun chàball dealain ùr a tha a' chompanaidh Scottish Hydro-Electric Transmission a' moladh eadar an t-eilean agus Tìr Mòr. An àite a dhol air tìr ann an Grabhar, tha SHET a-niste a' moladh gur ann aig Àranais a chrìochnaicheas e. Bheireadh an càball ùr cothrom dealan a chaidh a chruthachadh air an eilean a thoirt air falbh gu Tìr Mòr. Bidh iad a' taisbeanadh nam planaichean aca ann an Steòrnabhagh air an 21mh là den mhìos.

Thuirt NHS na Gàidhealtachd gu bheileas air adhartas a dhèanamh dòighean ùra a lorg gus seirbheisean slàinte a lìbhrigeadh ann an dòigh sheasmhaich ann an sgìrean iomallach. Dh'fhoillsich am Bòrd Slàinte fiosrachadh mu iomairt trì bliadhna a bha a' dol anns an sgìre a bha a' coimhead air dòighean gus dotairean teaghlaich fhastadh agus a chumail ann an dreuchdan anns an sgìre.

Air fhoillseachadh