Càraichean dealain sna h-Eileanan

Tha seirbheis ùr air tòiseachadh sna h-Eileanan an Iar far am faigh dràibhearan air càr a tha a' gluasad air cumhachd an dealain a-mhàin, a thoirt a-mach air màl.

Tha dràibhearan bho E-Car Club Earranta air feadhainn de na càraichean a dhràibheadh bho Bhatarsaigh gu Rubha Robhanais, a' gabhail brath air uidheaman cumhachd ann an diofar àitichean air an t-slighe airson cumhachd gu leòr a chumail anns na càraichean.

Air fhoillseachadh