Prìsean sìos aig Fèill nan Uan

Bha na prìsean aig a' chiad fhèill uain den bhliadhna ann an Leòdhas agus na Hearadh na b' ìsle na bha iad an-uiridh.

Tha seo a dh' aindeoin agus gun robh iad na b' fheàrr na bha cuid a' sùileachadh.

Tha cuid a' moladh gum bu chòir do chroitearan beagan a bharrachd cuideachaidh fhaighinn bhon Riaghaltas sna mìosan ri teachd is an droch shìde air buaidh a thoirt air a' ghnìomhachas.

Air fhoillseachadh