Fèill mhòr air an fhèill mhòir

Chaidh a' chiad fhèill uan na Luirg am bliadhna a chumail Dimàirt, 's dùil ri mu 15,000 uan tron fhèill air fad.

'S fhada bho nach robh croitearan agus tuathanaich a' gearain mu bhuaidh na droch shìde, ach 's e a' cheist bha air bilean mhòran - dè direach a' bhuaidh a thug sin air staid nan uan agus na prìsean.