Ceannard gun Ghàidhlig air a' Bhòrd

Chaidh fear aig nach eil Gàidhlig ainmeachadh Diardaoin mar Cheannard eadar-amail aig Bòrd na Gàidhlig.

Chaidh Joe Moore, a tha ag obair aig Dualchas Nàdair na h-Alba, ainmeachadh chun na dreuchd a dh'fhàg Iain Caimbeul aig deireadh na h-Ògmhìos, às dèidh dìreach trì mìosan san obair.

Tha Eileen NicDhòmhnaill ag aithris.