Naidheachdan 11:00m

Innsidh an t-Seansalair, Seòras Osborne an-diugh gun toir e trì bliadhna, seach dhà, a' gearradh £12bn far buidseat nan sochairean sòisealta. Seo a' chiad bhuidseat làn-Tòraidh ann am faisg air 20 bliadhna. Tha dùil cuideachd ri àrdachadh air an ìre de chosnadh aig an tòisich cìs teachd-a-steach.

Thug ceannardan Eòrpach gu madainn Dihaoine dhan Ghrèig tighinn air adhart le molaidhean ùra airson fiachan na dùthcha mus coinnich na ceannardan Eòrpach gu lèir Là na Sàbaid. Thuirt Ceann-Suidhe Chomhairle na h-Eòrpa, Dòmhnall Tusk, gur dòcha gur e seo an t-àm as cudromaiche fhathast ann an eachdraidh an Aonaidh Eòrpaich. Tha aithrisean ann an-diugh gun do dh'iarr Riaghaltas na Grèige iasad ùr bhon ESM - innleachd sheasmhachd na h-Eòrpa.

Chaidh Àrd-Oifigear Banca Barclays a chur às a dhreuchd. Tha e coltach gun deach esan agus am bòrd-stiùiridh a-mach air a chèile mu mheud meur-tasgaidh a' bhanca, agus na gearraidhean a bha iad a' cur an sàs.

Bidh còmhradh ann feasgar an-diugh a-rithist eadar aonadn an RMT agus Caledonian Mac a' Bhriuthainn 's e a' faileachadh orra aonta a dhèanamh an-dè mu chosnadh agus peinnsean luchd-obrach nan seirbheisean-aiseig. Thuirt an RMT, mura h-atharraich cùisean, gum bi an dàrna stailc ann Dihaoine. Thuirt Cal Mac gu bheil an còmhradh fhathast fosgailte. Tha seo an dèidh do Riaghaltas na h-Alba seirbheisean a' chosta an iar a chur a-mach gu tairgse.

Thuirt Coimiseanair Fiosrachaidh na h-Alba gum feum gach tuathanas bradain innse gu poblach cia mheud ròn a tha iad a' marbhadh a h-uile bliadhna. Tha luchd-iomairt a tha a' gearain mu spadadh nan ròn ag ràdh gum bi roghainn a-niste aig luchd-cleachdaidh càite an ceannaich iad bradan nan tuathan. Tha Comann Àrach a' Bhradain an Alba ag ràdh gu bheil an àireamh ròn a tha iad a' marbhadh a h-uile bliadhna airson dìon a chur air an iasg air tuiteam gu mòr gu nas lugha na 200.

Air fhoillseachadh