Peathraichean Nic a' Phì air gleus

Bha là air leth aig na peathraichean Nic a' Phì às Uibhist a Deas aig Geamanan nan Eilean an Jersey Diluain.

Choisinn Kerry am bonn òir ann an rèis nam Baidhsagalan Beinne agus bhuannaich a piuthar Kirsty am bonn airgid.

Leis gur ann mar sin a chrìochnaich iad, choisinn iad cuideachd am bonn òir le chèile ann am farpais nan sgiobannan.

Chìthear aithrisean eile à Jersey an seo.

Air fhoillseachadh