Làrach ùr LearnGaelic

Chaidh làrach-lin ùr aig LearnGaelic fhoillseachadh le moladh mòr bhon chleasaiche, Gary Lewis, a bha a' cleachdadh a' chànain san t-sreath-telebhisein 'Outlander'.

Fhuair an làrach-lìn còrr is dà cheud mìle luchd-cleachdaidh ùr an-uiridh.

Agus thathas a' dèanamh dheth gu bheil leithid Outlander air a bhith air leth feumail ann an bhith tàladh dhaoine chun a' chànain agus chun na làraich.

Air fhoillseachadh