£3m gus talamh mònach a dhìon

Gheall Riaghaltas na h-Alba £3m a chosg air pròiseictean gus dìon a chur air talamh mònach.

Tha seo a' cur ris an obair-dìon a rinnear sna beagan bhliadhnachan mu dheireadh agus tha e mar phàirt de dh'amasan an Riaghaltais airson dèiligeadh ri atharrachadh na sìde.

Tha mòinteach faisg air a' Chrion Làraich am measg na gheibh buannachd às an airgead ùr.

Air fhoillseachadh