Naidheachdan 11:00m

Dh'aontaich Banca Coitcheann na h-Eòrpa tuilleadh airgid a thoirt air iasad do bhancaichean na Grèige, agus ceannardan Eòrpach ag ullachadh plana ùir airson fiachan na Grèige. Thàinig coinneamh anns a' Bhruiseal an-raoir gu ceann agus coltas ann gu bheil dùthchannan eile nas toilichte le plana ùr na Grèige, ged a thuirt Seansalair na Gearmailt, Angela Merkel, gu bheil mòran ri dhèanamh fhathast.

Thuirt Poilis na h-Alba gun deach nas lugha eucoir a chlàradh an-uiridh a-rithist. Bha 4.7% nas lugha ann de dh'eucoir anns an fharsainneachd, ach bha barrachd ann de dh'eucoir dhrabasta agus ionnsaigh anns an dachaigh. Thuirt na Poilis gur e dòighean ùra air eucoir den t-seòrsa sin a lorg agus a chlàradh as coireach gun robh àireamhan nas motha ann.

Tha uachdarain ag ràdh gu bheil dragh orra gun tèid cosnaidhean a chall air na h-oighreachdan seilge le atharrachadh air lagh an fhearainn a tha Riaghaltas na h-Alba a' foillseachadh an-diugh. Cuiridh an lagh ùr as do dh'fhaochadh chìsean dha na h-oighreachdan, agus bidh cumhachd cuideachd aig ministearan toirt air uachdarain am fearann a reic. Tha an Riaghaltas ag ràdh gu bheil iad ag iarraidh cothromachd an dà chuid a thaobh chìsean agus air còirichean an fhearainn.

Thàinig Coimisean Riaghlaidh nam Modhan Poblach dhan cho-dhùnadh nach do rinn Cathraiche an Fhoghlaim aig Comhairle nan Eilean Siar, Catriona Stiùbhart, dad ceàrr anns a' cho-chomhairleachadh mu dhùnadh Àrd-Sgoil Lìonail ann an Nis. Bha pàrantan a' gearain gun robh i ga giùlain fhèin ann an dòigh nach robh iomchaidh, agus gun tug i seachad fiosrachadh ceàrr mu fhoghlam aig Àrd-Sgoil Lìonail. Dùinidh an àrd-sgoil sin - an àrd-sgoil dà bhliadhna mu dheireadh anns na h-Eileanan - aig deireadh na seachdain seo.

Thuirt EuroTunnel gu bheil àireamh mhòr de luchd-siridh comraidh san Fhraing a' gabhail brath air stailc airson feuchainn ri àite fhaighinn ann an càraichean agus làraidhean air an t-slighe a Bhreatainn. Tha luchd-obrach nan aiseagan anns an Fhraing air stailc an-diugh 's tha aithrisean ann gu bheil luchd-imrich a' feuchainn ri brath a ghabhail air sin aig Port-aiseig Chalais.

Thuirt Caledonian Mac a' Bhriuthainn gu bheil iad ag ullachadh plana mu choinneimh stailce air na seirbheisean aca Dihaoine. Thàinig còmhraidhean eadar Cal Mac agus an t-aonadh RMT an-dè gu ceann gun aonta mu chosnaidhean, cùmhnantan-obrach agus peinnsean. 'S a bharrachd air làn-stailc Dihaoine, bidh luchd-obrach a' diùltadh uairean a bharrachd air an àbhaist obrachadh a-màireach agus an earrar.

Thèid plana Chomhairle na Gàidhealtachd airson raoin-ghoilf ùir ann an Inbhir Nis, a chosgadh £7.5m, a dheasbad an ath-sheachdain. Tha tighinn air a' Chomhairle Raon-Goilf Thòrr Bheathain a ghluasad airson àite a dhèanamh do rathad ùr taobh siar a' bhaile.

Air fhoillseachadh