Cupa Webb Ellis air a' Ghàidhealtachd

Bha aon de na duaisean as ainmeile ann an spòrs ri fhaicinn ann an Inbhir Nis aig deireadh na seachdainn.

Chuir Cluba Rugbaidh na Gàidhealtachd fàilte air Cupa Webb Ellis mar phàirt de thuras leis a' chupan tro Bhreatainn air thoiseach air Cupa na Cruinne as t-fhoghar.

Chaidh Dòmhnall MacLaomainn dha fhaicinn.