Draghan mu shlighe Chaolas na Hearadh
Falbhaidh an aiseag an Loch Portain, a th' air slighe Chaolas na Hearadh, airson obair riatanach air siostam sàbhailteachd aig deireadh na seachdaineach.
Dh'innis CalMac dè am bàta a thèid na h-àite - an Loch Brùsda - ach tha daoine a' gearain nach do nochd fiosrachadh ceart mun t-seirbheis fhathast.
Cuideachd, cha toir an Loch Bhrùsda leatha ach beagan a bharrachd air an dàrna leth de na carbadan sa ghabhas an Loch Portain.
Ged nach bi i air falbh ach airson seachdain, tha seo air dragh a thogail anns an sgìre.
Tha Shona NicDhòmhnaill ag aithris.