Naidheachdan 11:00m

Gheibh Bile na h-Alba an dàrna leughadh ann an Taigh nan Cumantan an-diugh. Beachdaichidh agus bhòtaidh Buill-Phàrlamaid air planaichean airson tuilleadh chumhachdan a thoirt do Phàrlamaid Holyrood, nam measg smachd air ìrean cìs chosnaidh, agus tuilleadh ùghdarrais air sochairean sòisealta. Tha an SNP air am bile a chàineadh 's iad ag ràdh gu bheil i easbhaidheach anns cha-mhòr a h-uile dòigh.

Chaidh a dhèanamh soilleir leis a' Phrìomhaire Dàibhidh Camshron gum feum ministearan an Riaghaltais cùl-taice a chur ri aonta sam bith a gheibh e air a bhith ag atharrachadh an Aonaidh Eòrpaich no an dreuchdan a leigeil dhiubh. Tha còrr is 50 Ball-Pàrlamaid Tòraidheach air buidheann a stèidheachadh a nì iomairt airson an AE fhàgail mura bheil iad riaraichte leis an aonta, agus tha e air a thuigsinn gu bheil na h-uimhir de mhinistearan air an aon ràmh riutha.

Cruthaichidh a' chompanaidh Aimeireaganach Jabil còrr is 210 obraichean ùra anns an ionad aca ann am Baile Dhùn Lèibhe. Chaidh an naidheachd a dhearbhadh aig coinneimh eadar a' chompanaidh agus Prìomh Mhinistear na h-Alba Nicola Sturgeon ann an New York. Cosgaidh Jabil £250m a' leasachadh na factaraidh Albannaich aca, a tha mar thà a' fastadh 147 luchd-obrach.

Chaidh iomairt a chur air chois airson cuideam a chur air Riaghaltas na h-Alba an lagh atharrachadh airson a dhèanamh mì-laghail do dhaoine a bhith a' pàigheadh bhoireannach airson a bhith a' feise riutha. Tha a' bhuidheann-iomairt End Prostitution Now, airson 's gun lean sinn eisimpleir Èireann a Tuath, agus iad ag ràdh gun cuireadh sin barrachd dìon air boireannaich.

Airson a' chiad uair ann an 13 bliadhna tha e air fàileachdainn air a' phàrtaidh phoileataigeach an AKP mòr-chuid fhaighinn ann an taghadh coitcheann anns an Tuirc. Chan eil gin de na pàrtaidhean dùbhlannach air aontachadh co-bhanntachd a stèidheachadh leis an AKP, agus tha prìomh mhargaidh earrainnean na dùthcha air tuiteam 6% leis an naidheachd. Mura tèid co-bhanntachd riaghlaidh a stèidheachadh ann an 45 là thèid taghadh ùr a ghairm.

Agus chaidh muc-mhara a chaidh fhaicinn ann an Linne Mhoireibh air an t-seachdain seo chaidh 's ròp ga h-amaladh, fhaighinn marbh air costa taobh sear Chataibh. Dh'fheuch dàibhearan teasairginn ri cobhair a dhèanamh air air a' mhuc-mhara dhronnach, ach chuir droch shìde bacadh orra. Chaidh am beathach fhaighinn marbh ann an cala Bhun Illidh air an deireadh-sheachdain.

Air fhoillseachadh