Mì-thoileachas mu ìrean foghlaim

Tha mì-thoileachas ann an Sgoil Lionacleit ann an Uibhist far a bheil clann air an t-siathamh bliadhna air a dhol air an casan mu ìrean foghlaim.

Tha na sgoilearan a' gearain nach eil iad a' faighinn nan cuspairean a bu chòir, agus nach eil oidhirp cheart ga dèanamh taobh a-staigh na sgoile airson cùisean a rèiteachadh.

Thèid coinneamh èiginneach a chumail Diluain eadar pàrantan agus oifigearan foghlaim Chomhairle nan Eilean Siar.

Tha Murray MacLeòid ag aithris.

Air fhoillseachadh