Griod nan Eilean Siar làn

Dh'innis SSE do bhuidhnean coimhearsnachd sna h-Eileanan an Iar nach eil àite air a' Ghriod Nàiseanta airson phròiseactan cumhachd ath-nuadhachail nas motha na 3.6KW.

Thuirt a' chompanaidh gun cuir iad buidheann stiùiridh air dòigh a choimheadas ris an t-suidheachadh, ach nach bi an còrr rùm air a' ghriod gus an tèid càball-dealain a chur eadar na h-Eileanan agus Tìr Mòr.

Chan eil dùil ri sin gu 2020.

Tha Dòmhnall MacLaomainn ag aithris.

Air fhoillseachadh