Ospadal ùr a dhìth an Inbhir Nis?

Chuala Bòrd Slàinte na Gàidhealtachd gur ma dh'fhaoidte gum feumar ospadal ùr a thogail a thèid an àite Ospadail an Ràthaig Mhòir ann an Inbhir Nis, ach gun tèid sealltainn air roghainnean eile cuideachd.

Chaidh beachdachadh cuideachd air a bhith a' trèanadh nursaichean ann an Oilthigh na Gàidhealtachd 's nan Eilean seach a bhith gan cur gu Oilthigh Sruighlea.

Tha Seonaidh MacCoinnich ag aithris.

Air fhoillseachadh