Ùlpan "a' freagairt air feumalachdan"

Tha an dòigh teagaisg Ùlpan a' freagairt air feumalachdan inbheach a tha ag ionnsachadh na Gaidhlig, ach tha duiligheadasan anns an doigh 's a bheileas ga lìbhrigeadh.

Sin toradh sgrùdaidh mhionaidich a chaidh a dhèanamh air a' chùis às leth Bhòrd na Gàidhlig.

Am measg nan duiligheadasan as motha, tha dìth chothroman an cànan a bhruidhinn taobh a-muigh a' chlas agus nach eil e riatanach do luchd-teagasg sgilean sgrìobhaidh sa chànan a bhith aca.

Tha Dòmhnall MacLaomainn ag aithris.