"Sgoiltean Crìosdail a dhìth"

Bu chòir dhan Eaglais Shaoir beachdachadh air sgoiltean Crìosdail a stèidheachadh ann an Alba.

Sin beachd mhodaràtair ùir na h-eaglaise, is e a' bruidhinn aig an Àrd-Sheanadh aca ann an Dùn Èideann.

Tha an t-Urr. Dàibhidh Robasdan den bharail gu bheil na prionnsabalan Criosdail air an deach sgoiltean a stèidheachadh cha-mhòr air a dhol à bith.

Thug e rabhadh seachad cuideachd mu shuidheachadh poileataigeach na dùthcha an dèidh an referendum an-uiridh.

Bha Dòmhnall MacLaomainn aig an Àrd-Sheannadh.

Air fhoillseachadh