Naidheachdan 11:00m

Sheachnadh na Làbaraich a bhith anns an ath-riaghaltas nam biodh e a' ciallachadh gum feumadh iad gabhail ri aonta leis an SNP, a rèir Ed Miliband. Ach thuirt Nicola Sturgeon bhon SNP nach fhaigh Miliband maitheanas Albannach gu sìorraidh nan leigeadh e dhan na Tòraidhean a bhith nan riaghaltas a-rithist. An-diugh bidh Mgr Miliband ann an Glaschu ag iarraidh air Albannaich tilleadh dha na Làbaraich. Bidh Uilleam Rennie bho na Lib-Deamaich a' bruidhinn air seirbheisean slàinte-inntinn, agus bruidhnidh Ruth Davidson aig coinneimh Thòraidhich ann am Meall Ròis, fhad 's a bhios Nicola Sturgeon fhèin a' cur ìmpidh air Alba bruidhinn gu h-aona-ghuthach Diardaoin.

Chaidh iarraidh air a' choimhearsnachd eadar-nàiseanta tuilleadh heileacoptairean a chur a Neapàl gus am faigh iad cobhair gu na sgìrean as iomallaiche den dùthaich. Dh'iarr Riaghaltas Neapàil an taic agus àireamh nam marbh dearbhte air èirigh gu thairis air 6,000 neach. Ach tha iomagain air daoine gu bheil an àireamh a tha sin a' dol a dh'èirigh. An-diugh thèid heileacoptair Chinook Breatannach a ghiùlain gu Neapàl.

Thèid Oighreachd Chàrlabhaigh fo smachd na coimhearsnachd an-diugh. Tha Urras na h-Oighreachd a-nis a' beachdachadh air mar a thèid aca air leasachaidhean a dhèanamh anns an sgìre, agus cosnaidhean a chruthachadh. Thòisich còmhraidhean leis an t-seann uachdaran o chionn trì bliadhna, agus bho an-diugh bidh an oighreachd fo smachd na coimhearsnachd fhèin.

Chaidh uard eile fhosgladh a-rithist do dh'euslaintich ùra aig Ospadal an Ràthaig Mhòir às dèidh dha a bhith dùinte ri linn a' ghalair Noro-Bhìoras. Chaidh Uard 3A fhosgladh às dèidh dhaibh a nighe agus a ghlanadh. Uile gu lèir tha an galar air buaidh a thoirt air 51 euslainteach anns an ospadal. Tha dà uard eile fhathast dùinte do dh'euslaintich ùra agus luchd-tadhail.

Chaidh Barabal Nic a' Ghobhainn fhastadh mar cheannard ùr làn-thìde aig Bun-Sgoil Ghàidhlig Inbhir Nis. Gabhaidh i àite Anna Nic a' Phì, a bha a' dèanamh na h-obrach gu h-eadar-amail. Tha i fileanta sa Ghàidhlig, agus an-dràsta na tidsear aig Bun-Sgoil an Ath Leathainn anns an Eilean Sgitheanach.

Gheàrr trì companaidhean às gach ceithir anns a' Chuan a Tuath na thathas a' cosg air tuarastalan, leis a' ghnìomhachas tòrr nas ao-dòchasaiche. Nochd na h-àireamhan airson nan trì mìosan aig toiseach na bliadhna, bhon bhuidhinn Gnìomhachas Ola is Gas na Rìoghachd Aonaichte. Thuirt iad gun robh an ao-dòchas co-cheangailte ri duilgheadasan a bhith ag obair ann an sgìre le cosgaisean àrda, agus gnìomhachas ola nas sine.