Sireadh bheachdan mu bhuaidh nan aiseagan ann an Uibhist

Dh'iarr buidhean choiteachaidh thurasachd beachdan mun bhuaidh a tha seirbheisean aiseig na sgìre a' toirt air gnìomhachasan Uibhist.

Tha gearainnean ann gu bheileas a' fuiling le mar a tha cùisean.

Ach, tha Buidheann Turasachd Innse Gall ag ràdh gum bu chòir fiosrachadh dearbhte mun chùis a thional 's a chur chun an Riaghaltais.