Naidheachdan 11:00m

Tha e air tighinn am follais gun deach itealan cogaidh Typhoon le Feachd an Adhair a ghairm an-dè airson dà bhomair Ruiseannach fhuadach air falbh os cionn cladach a' Chùirn ann an ceann a deas Shasainn. Thuirt Ministreachd an Dìon gur e seo tachartas eile ann an sreath bho chionn ghoirid far an robh itealain Ruiseannach air iomall adhair Bhreatainn.

Thuirt Rùnaire an Dìon, Mìcheal Fallon gu bheil an Ceann-Suidhe Putin a-niste na chunnart do Latbhia, Lituàinia agus Estònia. Thuirt Mgr Fallon gu bheil dragh ann gun dèan Mosgo an dearbh rud a-rithist 's a rinn iad san Ugràin. Agus dh'iarr Ceann-Suidhe na h-Ugràin, Petro Poroshenko, air an UN feachdan sìthe a chur an sàs air taobh sear na dùthcha, agus e ag ràdh nach seas fois-fòirneirt a chaidh aontachadh an t-seachdain seo chaidh gun taic eadar-nàiseanta.

Tha Centrica, a' chompanaidh dham buin Scottish Gas agus British Gas, a' dol a ghearradh 40% far an airgid a tha iad a' cur an sàs anns a' ghnìomhachas anns a' Chuan a Tuath. Dh'innis a' chompanaidh an-diugh gun do thuit am prothaid còrr is an treas cuid ann an 2014 gu £1.75bn, agus gum feum iad cosgaisean a ghearradh mu choinneimh sin.

Thèid feuchainn an-diugh ri bàta-cargo a thoirt far nan creagan ann an Àird nam Murchan an dèidh dhi a dhol air tìr faisg air Cille Chòmhghain tràth sa mhadainn an-dè. Cha deach duine a ghoirteachadh, ach tha dragh ann, mura tèid a cur air bhog a dh'aithghearr, gun tòisich an connadh air aodion àiste. Chuir an tachartas ris an iarrtas airson bàta-slaodaidh a stèidheachadh a-rithist anns a' Chuan Sgìth. Thuirt Ceannard Chomhairle nan Eilean Siar, Aonghas Caimbeul, gun tog esan a' chùis le Rùnaire na h-Alba, Alasdair MacIlleMhìcheil, aig coinneimh an ath-sheachdain.

Bheir Àrd-Chonnstabal na h-Alba Sir Stephen House, agus an Leas-Àrd-Chonnstabal Wayne Mawson, fiosrachadh do Phàrlamaid na h-Alba an-diugh mun dòigh san do chùm na Poilis orra a' stad agus a' sgrùdadh chloinne fo 12 bliadhna de dh'aois a dh'aindeoin gealltanais anns an Ògmhios an-uiridh gun sguireadh iad den chleachdadh sin. Thuirt Sir Stephen House an t-seachdain seo chaidh gun tàinig air na Poilis fiosrachadh a sgaoileadh nach robh buileach ceart mun phoileasaidh sin. Thàinig conaltradh am follais on uair sin ge-tà, a tha a' cur teagamh anns an rud a thuirt e.

Chaidh aon duine a mharbhadh, agus tha dithis eile san ospadal an dèidh tubaiste eadar dà chàr ann am Fìobha. Thachair an tubaist air Rathad Obar Nithidh, faisg air Newburgh goirid ro 07:00m an-diugh.

Chaidh luchd-smàlaidh a ghairm gu Caisteal Dhùn Bheagain anns an Eilean Sgitheanach sa mhadainn an-diugh an dèidh aithris air ceò a' tighinn à seòmar faisg air mullach an togalaich. Thuirt Seirbheis Smàlaidh agus Teasairginn na h-Alba gur e trioblaid le siostam teasachaidh a' chaisteil a bu choireach, agus nach robh èiginn mhòr sam bith ann.