Naidheachdan 11:00m

Thuirt Rùnaire na Dùthcha, Theresa May, nach bi Breatainn idir a' gabhail ri siostam ceartais Eòrpach ma chumas i oirre a' cleachdadh bharrantasan grèim Eòrpach. Bhòtaidh Buill-Phàrlamaid a-nochd am bu chòir dhan Rìoghachd Aonaichte fuireach anns an sgeama a tha ga dhèanamh nas fhasa do bhuill an AE a bhith a' gluasad dhaoine a tha fo amharas eucoir bho dhùthaich gu dùthaich. Tha na h-uimhir de Bhuill-Phàrlamaid Thòraidheach a' bagairt bhòtadh na aghaidh agus iad den bharaill gum faodadh e iomral ceartais adhbharachadh. Thuirt a' Bh.Mh. May gum faodadh eucoirich on Roinn Eòrpa a thighinn a dh'fhuireach ann am Breatainn mura cùm sinn na barantasan.

Tha e air aithris gun deach co-dhiù 47 a mharbhadh ann an spreadhadh boma ann an àrd-sgoil ann an Nigeria. Thachair an spreadhadh ann am Potiskum ann an ear-thuath na dùthcha fhad 's a bha sgoilearan a' tighinn còmhla airson co-chruinneachaidh na maidne. Gu ruige seo chan eil buidheann sam bith air aideachadh gur iad a bh' air cùl an spreadhaidh, ach tha a' bhuidheann cheannairc Mhuslamach Boko Haram air grunn ionnsaighean a thoirt air a' bhaile ron a seo.

Sheall cunntas-bheachd gu bheil naoinear às geach deichnear thidsearan den bheachd gu bheil burraidheachd co-ghnèitheach na trioblaid ann an àrd-sgoiltean na h-Alba. Tha an sgrùdadh a chaidh a dhèanamh dhan bhuidhinn Stonewall Scotland cuideachd a' dèanamh dheth nach eil ach 16% de luchd-teagaisg air trèanadh sònraichte fhaighinn ann a bhith a' dèiligeadh ris an trioblaid.

Gearraidh Comhairle Siorrachd Rinn Friù an Ear 200 cosnadh thairis air trì bliadhna ann an oidhirp smachd fhaighinn air beàrn de £20m sa bhuidseat aca. Thuirt a' Chomhairle gu bheil còmhraidhean air tòiseachadh leis na h-aonaidhean ciùird, agus gu bheil iad an dòchas gun tèid aca air seo a dhèanamh gun a bhith a' cur dhaoine a-mach às an dreuchdan an aghaidh an toil.

Bhàsaich fireannach eile san ospadal ann an Dùn Èideann an-diugh às dèidh tubaist-rathaid anns a' bhaile air an deireadh-sheachdain. Bha an duine a chaochaill a' siubhail ann an carbad Hyundai nuair a thàinig e agus càr Subaru an comhair a chèile air Seann Rathad Dhail Chèith mu 9:30f oidhche Haoine. Chaidh dràibhear an Hyundai, Sean Allan, aois 24, a mharbhadh anns na tubaist. Tha an dràibhear eile ann an suidheachadh èiginneach ann an Ospadal Rìoghail Dhùn Èideann.