Dragh mu chraobhan Shlèite

Tha Comhairle Coimhearsnachd Shlèite air dragh a thogail às dèidh mar a chaidh craobhan a chur thairis air sgìre mhòir timcheall air Armadail is Ostaig.

Dh'fhàg a' chomhairle choimhearsnachd air Urras Clann Dòmhnaill, leis a bheil am fearann, nach do dh'innis iad idir ro-làimh na bha san amharc aca.

Tha iad airson is gun gabh an leasachadh a lùghdachadh gu ìre gus nach bi na craobhan cho faisg air taighean.