Ceist mu ospadal ùr

Chuir Seirbheis Slàinte na Gàidhealtachd dìon air mar a làimhsich iad co-chomhairleachadh phoblach air càite am bu chòir ospadal ùr an Eilein Sgitheanaich 's Loch Aillse a stèidheachadh.

Tha luchd-iomairt ann an ceann a tuath an eilein mì-thoilichte mu mar a chaidh an t-Ath Leathann a mholadh mar an làraich a bu fhreagaraiche.

Tha iad a-nis ag iarraidh ath-sgrùdadh neo-eisimealach air a' chùis agus fiu 's a' bagairt a dhol gu lagh.

Air fhoillseachadh