Feum air taighean an Stafainn

Thàinig rabhadh gum faodadh Bun-sgoil Stafainn san Eilean Sgitheanach dùnadh leis cho doirbh 's tha e do theaghlaichean òga taighean fhaighinn san sgìre.

Ann an oidhearp piseach a thoirt air cùisean, tha Urras an Taobh Sear a-nis a' feuchainn ri talamh fhaighinn far am faodadh iad taighean a thogail.