Uisge an tap ga chàineadh san Rubha

Tha gearanan air togail ceann ann an sgìrean de Leòdhas gur ann truagh a tha bùrn an tap.

Tha e a' dèanamh uimhir de dhragh do chuid a tha a' fuireach ann an Suardail san Rubha 's gu bheil iad a' ceannach uisge ann am botail an àite a bhith a' cleachdadh bùrn an taighe.

Chaidh ceistean a thogail mu dheidhinn aig coinneamh phoblach le Uisge na h-Alba oidhche Chiadain.

Tha an aithris seo aig Ruaraidh Rothach.

Air fhoillseachadh