Naidheachdan 11:00m

Chaidh binn còig bliadhna sa phrìosan air an lùth-chleasaiche à Afraga a Deas, Oscar Pistorius, a mharbh a leannan Reeva Steenkamp anns a' Ghearran an-uiridh nuair a loisg e oirre le gunna. Chaidh Pistorius a shaoradh air a' mhìos a chaidh bho chasaid muirt. Tha lagh Afraga a Deas a' ciallachadh gum faod, an dèidh deich mìosan, e saorsa iarraidh.

Tha dùil gum mair gaoth làidir a' mhòr-chuid den là an-diugh fhad 's a tha na th' air fhàgail de Hurricane Gonzalo a' gluasad thar na dùthcha. Dh'iarr Ministear Còmhdhail na h-Alba, Keith Brown, air luchd-siubhail ùine gu leòr fhàgail airson an turais. Tha Drochaid an Eilein Sgitheanaich dùint gu lèir dhan a h-uile carbad, 's tha casg air carbadan àrda air drochaidean Fhoirthe, Earsgain agus Dhòrnaich. Tha mòran de na seirbheisean aiseig nan tàmh an-diugh cuideachd.

Cho-dhùin Àrd-Fhear-Lagha na dùthcha nach tèid binn prìosain a chaidh fhàgail a' crochadh os cionn Dave Lee Travis, gu breithneachadh aig Cùirt an Ath-Thagraidh. Thuirt Jeremy Wright QC gu bheil esan den bheachd nach eil am binn sin idir ro lag. Chaidh Travis, a bha na chraoladair rèidio, fhaighinn ciontach air a' mhìos a chaidh gun do rinn e ionnsaigh mhì-choltach.

Tha mu cheud saighdear Breatannach air an t-slighe a Sierra Leone an-diugh mar phàirt de thaic na Rìoghachd Aonaichte dhan t-strì an aghaidh a' ghalair Ebola air taobh siar Afraga. Tha an Rùnaire airson Leasachaidh Eadar-nàiseanta, Justine Greening, a' siubhal còmhla ris na saighdearan bhon Bhuidhinn Mheidigich Rìoghail.

Tha Comhairle nan Eilean Siar a' cur an taic ris an iomairt an aghaidh na cosgais a bharrachd de 2sg gach aonad dealain a tha a' dol air luchd-cleachdaidh SSE air a' Ghàidhealtachd agus anns na h-Eileanan. Tha an t-ùghdarras am measg na tha a' faighneachd de dh'SSE carson a tha cosgais a bharrachd air muinntir a' chinn a tuath na th' ann an sgìrean eile.

Tha cathraiche Comhairle Coimhearsnachd Shlèite ag ràdh gum bu chòir bàt'-aiseig ùr a chur air an t-seirbheis eadar Malaig is Armadal. Dh'innis Caledonian Mac a' Bhriuthainn gum bi leudachadh air an t-seirbheis air mìosan a' Gheamhraidh le seirbheis a bharrachd air an oidhche airson cola-deug aig toiseach agus deireadh an t-seusain. Tha Ruairidh Moireach ag ràdh gu bheil cho trang 's a tha an t-seirbheis air an t-Samhradh cuideachd na dhearbhadh gu bheil feum air bàta ùr.

Air fhoillseachadh