Naidheachdan 11:00m

Thuirt Daibhidh Camshron nach tèid Breatainn an sàs ann an cogadh eile ann an Iorac, an dèidh dearbhadh gu bheil itealain cogaidh Breatannach a' dol an sàs a-niste ann am barrachd is cobhair air an dùthaich sin. Tha itealain an RAF a' siubhal nas fhaide na sgìre Kurdistan, nas doimhne gu ruige Iorac, a dh'fhaighinn fiosrachaidh mu na feachdan Ioslamach aig a bheil smachd air a' mhòr-chuid de cheann a tuath na dùthcha. Thuirt am Prìomh Mhinistear ge-tà, nach tèid feachdan Breatannach an sàs air a' ghrunnd.

Thuirt Julian Assange, an duine a chur air bhonn an làrach-lìn Wikileaks, gum fàg e Ambasaid Ecuador ann an Lunnainn a dh'aithghearr. Tha an t-Suain ag iarraidh Mgr Assange a thoirt dhan dùthaich sin, far a bheil e fo chasaid mu ionnsaighean drabasta. Tha esan a' dol às àicheadh, agus tha e air a bhith a' faighinn comraich ann an Ambasaid Ecuador ann an Lunnainn bho chionn dà bhliadhna.

Le mìos gus am bi bhòt ann air neo-eisimeileachd na h-Alba, tha an dà thaobh a' cur cabhag air an iomairt an-diugh. Tha Prìomh Mhinistear na h-Alba, Ailig Salmond, ann an Obar Bhrothaig ag innse dè bhiodh ro Alba mar dhùthaich neo-eisimeileach. Thuirt an iomairt Nas Fheàrr Còmhla gum bi iad, eadar seo agus an 18mh là den t-Sultain, ag amas air feadhainn nach eil cinnteach fhathast dè an taobh air an bhòt iad.

Chaidh an Geàrd Nàiseanta a ghairm gu Ferguson ann an St Louis am Missouri sna Stàitean Aonaichte agus ar-a-mach mhòr am measg an t-sluagh an sin an dèidh dha na poilis deugaire dubh a mharbhadh nuair a loisg iad air bho chionn còrr is seachdain. Chleachd na poilis gas agus loisg iad stun grenades air an t-sluagh a tha a-muigh a' togail fianais air sràidean a' bhaile.

Chuir Riaghaltas na h-Alba stòras de £500,000 air bhonn airson cùisean a dhèanamh nas fhasa do chiorramaich a' faighinn gu bàtaichean-aiseig agus goireasan aig na puirt. Bidh an stòras fosgailte do thagradh bhon roinn phoblaich agus bhon roinn phrìobhaidich. Thuirt Ministear Còmhdhail na h-Alba, Keith Brown, gum bu chòir na seirbheisean aiseig a bhith fosgailte dhan a h-uile duine.

Air fhoillseachadh