Naidheachdan 11:00m

Tha Na Stàitean Aonaichte fhathast a' coimhead air atharrachadh poileataigeach ann an Iorac, mar dhòigh air dèiligeadh ris an ar-a-mach Sunni, mus beachdaidh iad air armachd a chur an sàs. Tha an Leas Cheann-suidhe Aimearaganach, Joe Biden, air a bhith a' bruidhinn ri Prìomh Mhinistear Iorac, Nouri al-Maliki, agus ri ceannard nan Sunni. Tha e coltach gu bheil Aimearaga den bheachd nach bi sìth ann eadar Sunni agus Shia gus am fàg am Prìomh Mhinistear, Nouri al-Maliki, a dhreuchd.

Dh'fhoillsich Roinn an Ionmhais ath-chunntas air na buannachdan do dh'Alba ann a bhith a' fuireach anns an Aonadh. Tha am pàipear ag ràdh gu bheil Alba a' faighinn cothrom air cìsean nas lugha agus seirbheisean poblach nach biodh ann le neo-eisimeileachd. Agus tha am pàipear a' cumail a-mach gun dèanadh seann aois an t-sluaigh agus nas lugha teachd-a-steach bho ola a' Chuan a Tuath tuilleadh cosgais a bharrachd air an sin. Thuirt Rùnaire Ionmhais na h-Alba, Iain Swinney, nach eil guth aig Westminster ach air Lunnainn agus ceann an ear-dheas Shasainn, agus gur ann a shoirbhicheadh Alba leis na cothroman a thigeadh le neo-eisimeileachd.

Agus bidh deasbad air dè a' bhuaidh a bheireadh neo-eisimeileachd air àiteachas an Alba am measg na bhios a' dol air adhart aig Fèill Àiteachais Rìoghail na Gàidhealtachd a tha a' tòiseachadh ann an Ingliston, faisg air Dùn Èideann, an-diugh.

Chuireadh am Pàrtaidh Làbarach stad air sochairean sòisealta do dhaoine òga a tha gun chosnadh agus gun sgilean obrach, mura h-aontaich iad ri trèanadh. Tha na Làbaraich a' moladh cuir às do 'jobseekers allowance' do 100,000 òigridh eadar 18 agus 21 bliadhna de dh'aois, agus a' cur sochair na àite a bhiodh stèidhichte air teachd-a-steach am pàrantan agus air trèanadh airson obair. Thuirt an Seansalair, Seòras Osborne, gun cuireadh plana nan Làbarach an eaconamaidh air an t-slighe cheàrr a-rithist.

Thuirt fear de chomhairlichean Uibhist gum feum strì airson factaraidh feamainn ann an Loch Baghasdail an dèidh dhan chompanaidh Marine Biopolymers innse nach tèid iadsan air adhart leis an sgeama, a chruthaicheadh suas ri 60 cosnadh, mar phàirt de leasachadh air cala Loch Baghasdail. Thuirt Raghnall MacFhionghain gum feum cuideam a chuir air Marine Biopolymers a dhol air adhart leis, air neo gum feum buidheann eile fhaighinn a bheir am pròiseact gu buil.

Thèid inbhe shònraichte UNESCO a bhuileachadh a-nochd air cruinneachadh de chultar is eachdraidh Gàidhealach MhicGilleMhìcheil MhicBhatair. Tha e am measg naoi tasglainn de stuth air an tèid inbhe, mar chomharra air cho cudromach 's a tha iad do dhualchas na cruinne.

Air fhoillseachadh