Naidheachdan 11:00m

Tha muinntir na h-Alba a' faighinn gach taobh an-diugh den deasbad mu neo-eisimeileachd. Tha Riaghaltas na h-Alba ag ràdh gun cuireadh neo-eisimeileachd £5bn ris an eaconamaidh. Tha Riaghaltas na Rìoghachd Aonaichte a' cumail a-mach gum biodh sluagh na h-Alba nas miosa dheth eadar sluagh a' sìor-fhàs nas sine, agus crìonadh ann an toradh ola a' Chuain a Tuath.

Thuirt buidheann nan taighean-dealbh, Vue, gun sguir iad a shealltainn shanasan co-cheangailte ris an deasbad mu neo-eisimeileachd, an dèidh ghearainnean bhon mhòr-shluagh. Thuirt Vue gun sguir iad a shealltainn shanasan airson agus an aghaidh neo-eisimeileachd nuair a thig an iomairt a th' ann an-dràsta gu ceann air a' chòigeamh là den ath-mhìos. Tha e coltach gu bheil companaidhean eile a' dèanamh an dearbh rud anns na taighean-dealbh aca fhèin.

Thuirt Ceann-Suidhe na Frainge, Francois Hollande, gum feum an t-Aonadh Eòrpach a bhith nas èifeachdaiche, agus a bhith a' gabhail nas lugha gnothaich ri cùisean nan dùthchannan aig a bheil ballrachd anns an Aonadh. Thàinig a bheachd-san an dèidh coinneimh anns a' Bhruiseil an-raoir, aig an tuirt Prìomhaire Bhreatainn, Dàibhidh Camshron, gu bheil an AE air fàs ro mhòr, agus ro àrdanach.

Ghlèidh a' bhuidheann Serco cùmhnant fad 15 bliadhna airson seirbheisean trèana na h-oidhche eadar Lunnainn agus Alba. Gheall Serco gun toir iad leasachadh gu math sgiobalta air na seirbheisean air an gabh iad smachd an ath-bhliadhna. 'S e FirstGroup, a tha stèidhichte ann an Obar Dheathain a tha a' ruith na seirbheis an-dràsta.

Tha Comhairle nan Eilean Siar am measg na chuir fàilte air leudachadh faraidhean RET gu aiseagan a' chosta an iar gu lèir bhon Damhair an ath-bhliadhna. Ach tha a' Chomhairle agus comhairlichean ann an sgìrean eile cuideachd a' faighneachd carson nach deach sin a dhèanamh an-dràsta no nas tràithe na seo.

Thòisich Poilis na h-Alba an-diugh a' dùnadh ionadan-stiùiridh air feadh na dùthcha. Dhùin ionad Dhùn Phris nuair a chrìochnaich an siofta mu dheireadh aig 07:00m. Dùinidh trì eile fhathast, agus an dèidh sin bidh na seirbheisean stèidhichte aig còig ionadan-fòna eadar Glaschu, Dùn Èideann, Tobar na Màthar, Dùn Dè agus Inbhir Nis.

Air fhoillseachadh