Naidheachdan 11:00m

Tha Breatainn a' tabhainn taic dhan iomairt airson còrr is 200 nighean a shaoradh an dèidh an cuir am bruid ann an Nigeria bho chionn trì seachdainean. Thuirt na ceannaircich Islamach a dh'fhalbh leotha gu bheil iad am beachd an reic. Thuirt Rùnaire nan Dùthchannan Cèin, Uilleam Hague, gu bheil e mì-mhoralta a bhith a' cleachadh na cloinne mar dhuais ann an cogadh.

Thuirt fear de mhinistearan an riaghaltais san Ugràin gun deach còrr is 30 duine de mhilitia, a tha air taobh na Ruis, a mharbhadh ann an sabaid ri feachdan an riaghaltais air taobh sear na dùthcha. Tha aithrisean ann cuideachd gun do ghabh buidhnean a tha a' taobhadh ris an Ruis smachd air togalaichean leis an riaghaltas ann an sgìre Donetsk.

Tha rannsachadh nàiseanta ag ràdh gu bheil daoine a' call am beatha leis an t-sac ann am Breatainn leis nach eil an dà chuid, na h-euslaintaich fhèin air neo luchd-obrach slàinte, cho cùramach 's a bu chòir mun tinneas. Thuirt eòlaichean nach d' fhuair an dàrna leth de dhaoine a chaochail le sac, taic mheidigeach sam bith.

Chaidh òrdachadh do dhachaigh chùraim ann an Obar Dheathain leasachadh a dhèanamh. Fhuair an luchd-sgrùdaidh gur ann a bha cùisean air fàs nas miosa aig dachaigh Banks O'Dee an dèidh mholaidhean a rinn iad air turas ron a sin. Chuir Comhairle Baile Obar Dheathain, an dèidh na h-aithisg seo, casg air an dachaigh bho bhith a' gabhail dhaoine às ùr.

Bidh deasbad ann am Pàrlamaid na h-Alba an-diugh air lagh nas cruaidhe air feadhainn a nì eucoir an aghaidh ainmhidh. Tha moladh ann gum bu chòir binn prìosain a chur air uachdarain a nì an lethid. Tha dragh air Riaghaltas na h-Alba gu bheil cùisean den t-seòrsa air taobh sear Rois bho chionn ghoirid, nuair a chaidh còrr is 20 clamhan a mharbhadh, a' dèanamh cron air ìomhaigh na h-Alba.

Tha coltas ann nach bi ministear air fhàgail aig Eaglais na h-Alba a dh'aithghearr eadar Uibhist agus na Hearadh. Tha ministear Loch nam Madadh agus Bheàrnaraigh am beachd a dhreuchd fhàgail aig deireadh na h-ath-mhìos agus e ag ràdh gun do 'ghluais an eaglais air falbh bho fhacal Dhè'.