Dragh mu sheirbheis dhotair Inbhir Aora

Tha Inbhir Aora ann an Earra-Ghàidheal air a bhith às aonais seirbheis dhotair-teaghlaich a-nis airson dà bhliadhna.

Ann an oidhirp a' chùis a lasachadh, tha NHS na Gàidhealtachd air co-dhùnadh an cùmhnant airson a bhith a' frithealadh a' bhaile a thoirt do dh'Ionad Slàinte Cheann Loch Gilip.

Ach tha Comhairle Choimhearsnachd Inbhir Aora mì-thoilichte mun seo, 's iad a' faireachdainn nach bi an t-seirbheis dhotair a bhios ri fhaotainn taobh a-muigh na h-uairean àbhaisteach freagarrach do mhuinntir a' bhaile.

Tha tuilleadh aig Andreas Wolff.

Air fhoillseachadh