Naidheachdan 11:00m

Dh'iarr am Prìomhaire, Daibhidh Camshron, air pàrtaidhean phoilitigeach Èirinn a Tuath cumail orra a' bruidhinn, a dh'aindeoin 's gun do dh'fhàillig còmhraidhean mu bhith a' faighinn thairis air cnap-starra ann an iomairt na sìthe. Choinnich riochdairean bho pàrtaidhean mòra na sgìre tron oidhche ann an oidhirp fuasgladh fhaighinn air cuspairean mar caismeachdan orainseach agus a bhith a' taisbeanadh bratach an aonaidh, ach dh'fhàilnich e orra rèite a ruighinn.

Tha boireannach ann an suidheachadh èiginneach san ospadal às dèidh dhi a bhith air a' gaorradh le damh-fèidh ann an Loch Abar. Bha am boireannach à Cambridge air làithean-saora air a' Ghaidhealtachd le caraidean an uair a thug am beathach ionnsaigh oirre ann an Loch Ailleart tràth madainn an-dè. Tha e air a thuigsinn gun tàinig an damh a-mach às an dorchadas agus gun do dh'fheuch e oirre mun amhaich le a chabair. Dh'fhuiling am boireannach, a tha 30 bliadhna, droch lobhtan anns an ionnsaigh. Chaidh a toirt gu Ospadal a' Bhelford anns a' Ghearastan agus an uair sin gu ospadal ann an Glaschu.

Thuirt lighichean anns an Fhraing gu bheil Mìcheal Schumacher air beagan adhartais a dhèanamh às dèidh dhaibh obair-lannsa a dhèanamh air eanchainn airson an dàrna turas. Ann an coinneamh-naidheachd ann an Grenoble, thuirt dotairean gu bheil Schumacher, a rinn ainm dha fhèin ann a Formula 1, fhathast ann an cunnart a bheatha. Tha an Gearmailteach air a bhith ann an staid èiginneach anns an ospadal on a dh'fhuiling e droch sgailc mun cheann agus e a' sgitheadh air Là na Sàbaid.

Ionnsaigh dhrabasta

Rinn na Poilis oidhirp ùr airson lorg fhaighinn air fireannach a tha iad airson a cheasnachadh mu droch ionnsaigh dhrabasta ann an Siorrachd Obar Dheathain an-uiridh. Chaidh ionnsaigh a thoirt air boireannach, aois 33 bliadhna, ri taobh rathad an A90, faisg air Sròn na h-Aibhne, air oidhche na Bliadhn' Ùir. Tha an duine mu 50 bliadhna a dh'aois, 's bha e a' dràibheadh carbad le dath glas no airgead.

Tha an sgìre mu thimcheall air na h-uimhir de thogalaichean flataichean ann an Dùn Dèagh fhathast dùinte do charbadan às dèidh maoim-slèibhe. Thuit balla air Sràid Gardener anns a' bhaile, agus chaidh na h-uimhir de dhaoine an cuir às an dachaighean gus an cumail sàbhailte. Cha deach duine a ghoirteachadh agus tha luchd-einnseanairidh air a bhith a' rannsachadh dè cho dona 's a tha am milleadh.

Air fhoillseachadh