Urram do sheann rèitire iomain

Fhuair seann rèitire iomain urram agus tiodhlaicean ri linn 's gu robh e na oifigeach air prìomh fharpais na spòrs, Cupa na Camanachd ann an 1948.

Tha Comunn na Camanachd air a bhith a' feuchainn ri tàidhean sònraichte a thoirt do gach neach a fhuair an cliù.

Ach cha robh iad a' sùileachadh gum biodh cothrom aca Ailig MacCoinnich à Loch Carrann a lorg.

Air fhoillseachadh