Naidheachdan 11:00m

Thuirt an duine a bha na cheannard air an FBI airson an 12 bhliadhna mu dheireadh, gu bheil e den bheachd gun tèid tuilleadh chasaidean a thogail a dh'aithghearr co-cheangailte ri ceannarc Locarbaidh. Thuirt Raibeart Mueller, a dh'fhàg an dreuchd am bliadhna, gun do rinn an rannsachadh adhartas bho chaidh cur às dhan Chòirnealair Gadaffi mar cheannard ann an Libia. Tha Mgr Mueller fhathast den bheachd ge-tà, gun robh Abdelbasset al Megrahi, an aon duine a chaidh a dhiteadh riamh, ciontach. Bidh 25 bliadhna ann air an deireadh sheachdain seo bhon ionnsaigh anns an deach 270 a mharbhadh.

Tha trì roghainnean airson leudachadh air puirt-adhair ann an aithisg a' choimisein a th' air a bhith a' sgrùdadh na cùise. Tha a' chiad aithisg bho Choimisean Davis le dà mholadh airson leudachadh aig Heathrow, agus an treas roghainn airson an dàrna raon-laighe aig Gatwick. Chan eil an aithisg a' moladh port-adhair ùr air beul Abhainn Thames, rud a tha Mèar Lunnainn Boris Johnson ag iarraidh, ach tha i ag ràdh gun fhiach sin tuilleadh sgrùdaidh. Chuir Boris Johnson fàilte air sin, ach thuirt e gu bheil e gun chiall a bhith fhathast a' coimhead air leudachadh aig Heathrow.

Tha fiosrachadh air an d'fhuair am BBC an Alba sealbh ag ràdh gur e am bàthadh a thug bàs do thriùir den cheathrar a chaill am beatha ann an tubaist an heileacoptair Super Puma far Shealtainn anns an Lùnastal. Tha am fiosrachadh sin a' tighinn aig an aon àm agus a thuirt aithisg bho Bhuidhinn Sgrùdaidh nan Tubaistean-adhair, gum faodadh iad a bhith air tighinn às beò. Tha an aithisg sin ag ràdh cuideachd gun robh sgiathan an heileacoptair aig àm na tubaiste, ga phùdadh sìos, seach suas, agus tha iad an-dràsta a' rannsachadh dè bu choireach ri sin.

Tha tomhas ann gum faodadh seachd anns gach deich de dhachannan nan Eilean Siar a bhith a' fulang le bochdainn connaidh, a rèir na buidhne Taighean Innse Gall. Thòisich a' bhuidheann a' rannsachadh na tha daoine a' cosg a' teasachadh an dachaigh agus an seòrsa taighean a th' anns an sgìre, ach thuirt iad gum feum iad tuilleadh fiosrachaidh mus dèan iad argamaid cheart airson tuilleadh taic.

Chaidh comhairliche Sgitheanach às àicheadh gun dèan plana airson bun-sgoil Ghàidhlig ann am Port Rìgh sgaradh anns a' choimhearsnachd agus siostam foghlaim aig dà ìre. Bha Hamish Friseal a' bruidhinn agus Riaghaltas na h-Alba air innse gun cuir iad £3m eile ris a' phròiseact, a chosgas mu £8m. Feumaidh Comhairle na Gàidhealtachd £3m eile a chosg air ostal ùr do dh'Àrd-Sgoil Phort Rìgh mar phàirt den phròiseact gu lèir.

Air fhoillseachadh