Loidhne-rèile Shrath Pheofhair

Chan fhada, 's dòcha, gum bi trèanaichean a' ruith a-rithist a Shrath Pheofhair.

Tha 60 bliadhna bho thadhail einnsean air stèisean-rèile a' bhaile, ach tha plana ann tòiseachadh a-rithist.

Tha Comann Rèile-Smùide Shrath Pheofhair air cead-dealbhachaidh iarraidh airson treàna smùid a ruith air loidhne ùr faisg air an t-seann stèisean.

Tha Calum MacIlleathain ag aithris.