Taic-airgid 'son bun-sgoil Ghàidhlig ùir

Cuiridh Riaghaltas na h-Alba £3m a bharrachd dhan phròiseict airson bun-sgoil Ghàidhlig a thogail ann am Port Rìgh.

Dhearbh Ministear na Gàidhlig, Alasdair Allan, gum faigh Comhairle na Gàidhealtachd an t-airgead thairis air dà bhliadhna.

Tha dùil ris an obair a bhith a' tòiseachadh ann an 2015, ach mar a tha Eilidh NicLeòid ag aithris, chan eil a' chùis gun chonnspaid.

Air fhoillseachadh