Deasbad mu irisean Gàidhlig
Tha deasbad bheothail air tòiseachadh air leithid Twitter agus Facebook mu dheidhinn iris Ghàidhlig.
Tha seo an dèidh na naidheachd gu bheil an iris mu dheireadh a bha ga clo-bhualadh, Cothrom, a' dol à bith, 's e ro chosgail do bhuidhinn an luchd-ionnsachaidh, Clì Gàidhlig, a cumail a' dol.
Ach tha an naidheachd air iarrtas a thogail airson iris Ghàidhlig nas fharsainne air pàipear no gu didseatach.
Tha Dòmhnall Moireasdan ag aithris.