Atharrachadh air riaghailtean iasgaich

Dh'aontaich an t-Aonadh Eòrpach casg a chur air iasgairean a bhith a' tilgeil iasg a tha marbh air ais dhan mhuir.

Bhon Fhaoilleach 2015, cha bhi e ceadaichte rionnach neo sgadan a chath air ais, leis a' chasg ga leudachadh gu iasg eile bliadhna às dèidh sin.

Feumaidh dùthchannan an EU cuideachd gealltainn gum bi iad ag iasgach ann an dòighean seasmhach.

Air fhoillseachadh