Companaidhean ionadail gan dìon

Tha Comhairle nan Eilean Siar a' beachdachadh air sgeama ùr a chur air chois a bheir cothrom dhaibh companaidhean ionadail, a bhios a' faighinn obair air pròiseictean mòra poblach tro fo-chùmhnantan, a phàigheadh iad fhèin.

Tha an t-ùghdarras airson 's nach bi na companaidhean ionadail gu tur an eisimeil nan compaidhean togail mòra.

Tha duilgheadasan air a bhith ann le companaidhean mòra a' dol fodha. Dh'fhaodadh gum bi ceist ann ge-tà, an gabh seo a dhèanamh gu laghail.