Atharrachadh air fàire an Uibhist

B' e ceum air ais a bh' ann Comhairle Bhuidhnean Saor-Thoileach Uibhist a chur fo bhratach An Treas Roinn Innse Gall, a rèir comhairliche Uibhistich.

Tha a h-uile coltas ann a-nis, ceithir bliadhna an dèidh dhaibh a thighinn còmhla, gun dealaich an dà bhuidhinn.