Naidheachdan 11:00m

Nì buill ann am Pàrlamaid Westminster ceasnachadh an-diugh mu carson nach tèid atharrachadh ann an siostam nan sochairean a chur an sàs gu an dèidh 2017. Thèid faighneachd do Rùnaire na h-Obrach 's nam Peinnsean, Iain Donnchadh Mac a' Ghobhainn, mu dhàil ann an siostam a' Chreidis Choitchinn a chur an sàs agus aithris ann gur e trioblaidean IT as coireach.

Tha tiodhlacadh dithis eile ann an-diugh a chaill am beatha ann an tubaist heileacoptair Ghlaschu anns an deach naoinear a mharbhadh. Tha tiodhlacadh Mark O'Prey, a bha 44, a' dol air adhart an-dràsta ann an Cille Brìghde an Ear, agus bidh an tiodhlacadh aig Garry Arthur, a bha 48, ann am Pàislig feasgar.

Chuir Google, Microsoft, Facebook agus Twitter litir còmhla dhan Cheann-suidhe Obama ag iarraidh atharrachadh san lagh sna Stàitean Aonaichte. Tha iad ag iarraidh stad a chur air an Stàit bho a bhith a' cruinneachadh fiosrachaidh mar a chaidh a thoirt am follais nuair a dh'innis Eideard Snowden, a bha ag obair dha na seirbheisean tèarainnteachd, mun t-seòrsa chleachdaidhean a tha a' dol air adhart. Tha an litir ag ràdh gum feum atharrachadh mòr a thoirt air an lagh ann an Aimeireaga agus ann an dùthchannan eile.

Tha 20 duine gach seachdain sa chumantas a' bàsachadh le buaidh na dibhe an Alba, ged a tha na h-àireamhan a' tuiteam. Thuirt oifigich slàinte gu bheil dragh orra gu h-àraid mu bhoireannaich eadar mu 30 bliadhna de dh'aois agus 50 a dh'fheumas a dhol dhan ospadal le trioblaidean co-cheangailte ri deoch-làidir.

Thuirt Prìomhaire Thailand gum bi taghadh coitcheann eile ann, agus àr-a-mach às ùr air èirigh an aghaidh a Riaghaltais. Tha aithrisean ann gu bheil sluagh mòr a' cruinneachadh aig togallach an Riaghaltais, agus iad a' gealltainn blàr gus an cuir iad am Prìomhaire às a dreuchd.

Tha a h-uile coltas gum bi atharrachadh eile a dh'aithghearr ann an structar nam buidhnean saor-thoileach ann an Uibhist. Chaidh Buidhnean Saor-thoileach Uibhist fo bhratach An Treas Roinn Innse Gall ann an 2009, ach tha e coltach nach do dh'obraich sin, agus gun tèid buidheann ùr a stèidheachadh a dh'aithghearr, le coinneamh èiginn gu bhith ann air a' chùis anns an Fhaoilleach.

Tha e air tighinn am follais gu bheil an cluicheadair ball-coise aig Blackburn Rovers, DJ Caimbeul, air fear de shianar a tha an grèim co-cheangailte ri amharas mu match fixing ann an Sasainn. Tha seo mar phàirt de rannsachadh nas fharsainne a tha a' dol air adhart an dèidh aithris anns a' phàipear-naidheachd an Sun.