Liosan air màl do Steòrnabhagh

Chaidh pròiseact ùr a chur air dòigh ann an Steòrnabhagh far a bheil liosan gan toirt seachad air màl.

'S iad Buidheann Ghàrnairleachd Leòdhais agus na Hearadh a tha os a chionn

Fon phròiseact thèid pìosan talmhainn air cùl Colaiste a' Chaisteil, anns a' Ghearradh Chruaidh, a thoirt do dhaoine a dh'iarras an cuid ghlasraich fhèin fhàs.