Oifis a' Phuist gus gluasad

Chaidh a ràdh gum faigh daoine seirbheis nas fheàrr nuair a ghluaiseas seirbheisean oifis a' phuist à Creag Ghoraidh dhan Chàrnan san Fhaoilleach.

Thèid na h-uairean fosglaidh a leudachadh agus bidh goireasan a bharrachd ann, a-rèir Dolly Hogg aig a bheil a' bhùth sa Chàrnan.