Pumpaichean ùra aig Rubha an Fhithich

Tha dòchas ann an Ceann a Deas nan Loch ann an Leòdhas gun tig ath-bheothachadh air an sgìre agus goireas ùr ga fhosgladh ann.

Tha an stèisean connaidh ùr aig Ionad Rubha an Fhithich ann an Cearsiadar a' ciallachadh nach fheum daoine tuilleadh siubhail suas ri 50 mìle son peatroil neo diesel a cheannach.

Bha Catriona NicIlleathain aig an fhosgladh oifigeil.

Air fhoillseachadh