Dragh san Aodann Bhàn

Rinn pàrantan san Aodann Bhàn gearan oifigeil ris an Riaghaltas agus ri Comhairle na Gàidhealtachd mun dòigh anns an do làimhsich an t-ùghdarras an dragh a th' orra mu sgoil-àraich a' bhaile.

Chaidh a dùnadh rè ùine an-uiridh ach tha amharas air na pàrantan gur e a dùnadh buileach a tha san amharc aig a' chomhairle.

Nan tachradh sin, tha dragh orra gum bi ceist ann mu bhun-sgoil na sgìre.

Air fhoillseachadh